Tuesday, 30 March 2010

Blair air eiridh a-ribhist - cunnard neo cuideachadh?



1998 -Blair aig fosgladh drochaid Scalpaigh, coiseachd air burn


Tha e air èirigh a-rithist. Tillidh Tònaidh Blair gu poileataigs Bhreatainn an-diugh agus e gu bhith a' toirt seachad òraid ann an Trimbton Colliery, san t-seann roinn phàrlamaid aige Sedgefield.
Sin, dh'fhaodadh tu a ràdh far an do thòisich an iomairt airson New Labour bho chionn ceithir bliadhna fichead air ais.

Tha e air tilleadh nar measg airson òraid a dhèanamh, airson taic a thoirt dha Gòrdan Brown, am fear a phut a-mach à oifis e bho chionn trì bliadhna (bheil cho fada sin bhon dh' fhàg e?).

Chan eil fhios agam an e òraid neo searmon a gheibh sinn - neo a bheil diofar eadar an dà rud a-nis airson Tònaidh Blair - ach chan eil ticead ri fhaighinn airson an "gig" seo.

Tha dùil gun toir e slaic pearsanta air Dàibhidh Camshron. Tha an Camshronach a' dol timcheall, a-rèir cuid, a' toirt a chreids gu bheil e air atharrachadh mòr a dhèanamh air a' phàrtaidh Tòraidheach, air a ghlanadh a-mach 's e air a chur air ais ann am meadhan poileataigs na dùthcha.

Uill, tha fios aig Tònaidh Blair mu dheidhinn atharrachadh a thoirt air pàrtaidh. Thog e na Làbaraich bhon an lar agus thug e crathadh orra mar New Labour mus do bhuannaich e taghadh.

Cha do rinn Camshron càil coltach ri sin ach tha e a' dol timcheall a' cumail a-mach gun e oighre Bhlair a th' ann - "heir to Blair" mar a chanas iad.

'S e chanas Blair gu bheil Camshron faoin, gu bheil esan eòlach air dè dh' fheumas tu dèanamh airson pàrtaidh a thoirt gu ìre airson oifis, agus nach eil Camhshron faisg air an sin.

Tha Blair connspaideach, gu h-àraid am measg luchd-taic nan Làbarach fhèin, air sgàth cogadh Ioraic gu h-àraid, agus mar sin tha beagan cunnart ann e a' tilleadh mar seo.

Ach cha do bhuannaich e, cuimhnich, trì taghaidhean dìreach le taic treubh nan Làbarach. 'S e an rud mu dheidhinn Blair gu bheil e a' tarraing bhòtairean bho thaobh a-muigh a' phàrtaidh.

Agus cha bhi e na aonar tuilleadh. Tha iad a' cur an t-seann chòmhlain air ais ri chèile. Mandelson, an Caimbeulach, sin Alasdair am pìobaire; Blair air vocals agus Brown ag amas air na drums le dhòn dùinte.

Mar sheann chòmhla rock tha iad a' dol air ais air an rathadh airson aon turas eile - le John Prescott a' dràibheadh a' bhan.

Bidh iad an dòchas gu bheil fonn neo dhà air fhàgail a nì a' chùis an turas cuideachd.


Taing Eilidh Dhubh

No comments:

Post a Comment