Tha dithis luchd-naidheachd Aimeireaganach, a fhuair saorsa bho phrìosan ann an Coirea a Tuath mar thoradh air obair dhiplòmasach sheann cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Bill Clinton, air ais dhachaigh.
Chaidh binn dusan bliadhna de dh'obair chruaidh air Laura Ling and Euna Lee as dèidh dhaibh a dhol a-steach dhan dùthaich gun chead. Thuirt an ceann-suidhe Obama gur e là math dha-rìreabh dhan dùthaich air fad a bh'ann.
Bho choinn àm goirid bha an dà luchd-naidheachd seo a' coimhead ri dusan bliadhna ann a prìosan ann an Coirea a Tuath. Tha iad a-nis sàbhailte, tha iad air ais còmhla ri na teagleachain aca, agus tha tòrr dhe sin a' laighe air gualainn agus cliu Bill Clinton, an seann cheann-suidhe a chaidh na thosgair a dh' fhaighinn saorsa airson an dithis.
Ach 's e an fhìrinn gur e na Coireanaich a bha os cionn chùisean, 's ann acasan a bha an cumhachd anns an t-suidheachadh. Dh'iarr iadsan airson Clinton, agus nuair a fhuair esan geallteanas gum bitheadh e a'tilleadh leis an dithis bhoireannach, dh' aontaich e a dhol ann agus, tha seo cudthromach, coinneachadh ri Kim Jong Il, an ceann-suidhe
Bha Kim Jong Il airson leasan a thoirt dhan na h-Aimeireaganaich. Airson bliadhnaichean tha e air a bhith a' feuchainn ri còmhraidhean cuimsich a bhi ann eadar an dà dhùthaich, ach cha ghabhadh na h-Aimeireaganaich ris an sin.
B'fheàrr leotha-san an còmhradh a bhi eadar na sia dùthchanan ann an Ear-dheas Àsia. Tha iadsan a' faicinn Coirea a Tuath mar riaghaltas mì-laghail aig nach eil seasamh eadar-nàiseanta. 'S e an duilgheadas nach eil am beachd sin air toir air Coirea a Tuath a dhol à bith mar thrioblaid eadar-nàiseanta agus chan eil a' toirt air a' chumhachd aca - cumhachd niuclasach, cumhachd airmealtach - a dhol à bith nas motha. Mar sin 's e leasan ann an diplomasaidh agus tosgaireachd a bha ann an seo - bho Kim Jong Il dhan an t-saoghal.
Tha Obama air fàilte a chur air an dithis luchd-naidheachd agus thug e taing do Bhill Clinton 's a sgioba - ach cha tug e iomradh air ceistean mòra mar phrògram niuclasach Choirea a Tuath.
'S e is adhbhar airson sin gu bheil an ceann-suidhe, agus an seann cheann-suidhe agus a h-uile duine eile a' cumail a-mach gur e tosgaireachd phrìobhaideach a bha seo, ged a dh'aidich iad gu robh teachdaireachd aig Mgr Clinton bho Mgr Obama gu ceannard Choirea a Tuath nuair a choinnich iad. Dh'fhaodadh rudeiginn thighinn a-mach às - 's e stàit dùinte, dìomhair a th' ann an Coirea a Tuath agus 'se gluasad poileataigeach a tha seo.
Tha ar meadhanan a' feuchainn ri dhèanamh a-mach gu bheil Kim Jong IL agus na Coireanaich craicte, ach chan eil iad idir. Tha iad borb ri na daoine aca pèin, tha iad iomagaineach mu dheidhinn an t-saoghail a-muigh air na crìochan dùinte aca, agus tha iad mì-reusanta agus cunnartach.
Ach tha iad seòlta, agus tha iad clis, agus tha iad air an suidheachadh seo a stiùireadh dìreach mar a bha iad fhèin ag iarraidh, a' toirt air Aimeireagadh agus Mgr Clinton a bhith dannsa ri ceòl na fidhle bhon an aon stàit Chomunach a th' air fhàgail ann an an Ear-dheas Àsia.
Taing do Eilidh Dhubh
No comments:
Post a Comment