Sunday 1 May 2016

Look out Baile Àtha Chliath, Carina air an slighe


Carina NicLeòid, look out Baile Àtha Chliath


Sùil Eile airson an Daily Record

Tha mise measail air actairean co-dhiù, ach uabhasach dèidheil air Carina NicLeòid.

Fad a beatha proifeiseanta tha Carina air a bhith ga cur fhèin air adhart mar actair agus a-nis mar chleasaiche stand-up Gàidhlig.

Tha i a’ leantainn anns na lorgan aig Tormod MacGilleEathain, Cailleach an Deacoin, agus Tom MacÌomhair agus Donnie MacAonghais, dithis a bha cho math ri Morecambe is Wise.

Tha e doirbh gu leòr a dhol air an àrd-ùrlar mar actair, ach a bhith feuchainn ri toirt air duine lachanaich le bhith ag innse do sgeulachdan pearsanta, tha sin dìreach craicte.

Ach chan eil sin na dhùbhlan mòr gu leòr airson Carina.

Anns an Ògmhios tha i a’ dol a Bhaile Àtha Cliath a dhèanamh na routine aice anns a’ Ghaeilge. Sin Gaeilge na h-Èirinn, chan e Gàidhlig a màthar.

Chan eil mòran Gaeilge aig Carina, ach chan eil sin a’ dol a chur stad oirre.

Rinn Eddie Izzard an aon rud ann am Fraingis, agus cha mhòr nach do chuir e às dha.

Thug mi an gag Èireannach as fheàrr a th’ agam do Charina, agus gura math a thèid dhi. ‘S i tha gaisgeil.




I’m like actors anyway, but I’m particularly fond of Carina MacLeod.

Right through her professional life Carina hs put herself forward as an actor and is now a Gaelic stand-up comedienne.

She’s following in the footsteps of Norman MacLean, “The Deacon's wife”, and Tom MacIver and Donnie MacInnes, a double act as good as Morecambe and Wise.

It is hard enough getting on stage as an actor, but trying to make people laugh by telling them your personal history, that’s just crazy.

But it isn’t enough of a challenge for Carina.

In June she’s off to Dublin to perform her routine in Gaelic. That’s Irish Gaelic, not her mother’s Scottish Gaelic.

Carina doesn’t have much Irish, but that’s not going to stop her.

Eddie Izzard did the same thing in French, and it nearly killed him.

I gave Carina my best Irish gag and good luck to her. She is heroic.