Monday, 24 August 2009

Ceist Logarbaigh trom air MacAsgaill

Tillidh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, seachdain nas tràithe na bha còir, a dheasbad na connspaid mu bhomair Logarbaidh.

Tha Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, a' faighinn a chàinidh bho gach taobh son Abdelbasset al-Megrahi a shaoradh agus a thilleadh a Libya. Tha cuid de dh’Aimeireaganaich agus agus an sean Phrìomh Mhinistear Seac MacConnail a' cumail a-mach gu bheil a' chùis air cron a dhèanamh air cliù na h-Alba.

Chan e mise a nì an co-dhùnadh air sin, ach nuair a chunnaic duine bratach na h-Alba os cionn port-adhair Thripoli bha iad gu math feargach, gu h-àraid na Aimeireaganaich.

S e sin a thug air Rabairt Muiler, ceannard an FBI, sgrìobheadh gu Mgr MacAsgaill, ga chàineadh agus a' cur casaid air gun tug e sochair dha cheannarcaich, agus gun do rinn e magadh air na teaghlaichean a tha fhathast a' caoidh na bhàsaich ann an uabhas Logarbaidh.

Tha Mgr MacAsgaill agus an SNP a-nis ann a meadhan stoirm eadar-nàiseanta, na pàtraidhean dùbhlanach sa phàrlamaid a' tighinn còmhla na aghaidh an-diugh agus na h-Aimeireaganaich a' feitheamh ris mìneachadh a-rithist dè dìreach a thug air co-dhùnadh gum bu chòir Abdel Baset al-Megrhai a dhol dhachaidh a bhàsachadh.

S e là cunnartadh a tha ann aig ìre phoileataigeach airson Riaghaltas an SNP. Bidh sùilean an t-saoghail air a' phàrlamaid aig leth uair as dèidh dhà.

Cha bhidh bhòt ann an-diugh, dìreach cunntas bho Mhaighstir MacAsgaill agus ceistean bho na ceannardan agus an nuairsin na buill-phàrlamaid. Ach tha na Lib Demaich airson 's gum bi bhòt air co-dhùnadh Mhaighstir MhicAsgaill an t-seachain seo tighinn nuair a thilleas a' phàrlamaid. Chan e seo crìoch a' ghnothaich an-diugh ach toiseach tòiseachaidh.

Taing mar as abhaist, Eilidh Dhubh

2 comments:

  1. Gle mhath Thorcail, ach ‘s docha nas cudthromaich na caineadh bhon FBI ‘se an naidheachd gu bheil Iain Farchair Rothaich BPA (Lib-Dems)a toirt taic do MhacAsgaill, agus a fuireach aig an taigh an Ceann t-Saile air sgath gu bheil e dhan bheachd nacheil moran ri radha nach deach a radha mun chuis. Coimhead coltach ri ard-urlar airson bun-fight, ach bi e inntineach mu thig cail as ur a mach as an deasbaid feasgar..
    Iain MacCoinnich

    ReplyDelete
  2. Naire a tha orm-sa, mar Albannach.

    De tha cearr air na h-ospadalan Albannach? Sin far am bi mise aig a' cheann thall. Chan fhaigh mise turas thall thairis nuair a tha mi gu bhith basachadh.

    Tha Megrahi cionntach.

    De seorsa cheartas a tha seo?

    AM

    ReplyDelete