Thursday, 30 April 2009

Ughdarras a' Phriomhaire ann an cunnart.

Mura robh gu leòr air aire a' Phrìomhaire eadar staid na h-eaconomaidh agus a-nis flu nam muc, thig e fo thuilleadh chuideim an-diugh - 's buill parlamaid gu bhith a' bhòtadh air planaichean airson atharrachadh a thoirt air siostam nan cosgaisean.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach agus na meadhanan air a bhith a' fanaid air planaichean a' Phrìomhaire - co-dhiù air mar a dh’ainmich e an naidheachd, ga chraoladh air Youtube ann an òraid a bha neònach air sgàth 's mar a bha e a' dèanamh gàire aig amannan nach robh iomchaidh. (Seo an clip.)

Ach a-nise, as dèidh a bhith a' call bhòt nan Gurkhas a-raoir, tha ceist ann mu dheidhinn ùghdarras a' Phrìomhaire. Thàining air am prìomh mholadh aige, airson suim airgid a phàigheadh dha na buill gach là airson thighinn chun na Pàrlamaid, a leigeal seachad gun aonta eadar na pàrtaidhean.

Tha taic ann airson cuid de na molaidhean eile aig a' Phrìomhaire airson cùisean a sgioblachadh ann an cabhag - gearradh chosgaisean buill pàrlamaid Lunnainn agus ministearan a tha a' fuireach ann an taighean a' Chrùin, mar eisimplear - ach chan eil airson cuid eile.

'S e an cunnart gun tèid a h-uile moladh a chur gu aon taobh. Tha gu leòr buill pàrlamaid airson gnothach nan cosgaisean dìreach fhàgail aig Sir Christopher Kelly a tha a' dèanamh rannsachaidh air a' chùis co-dhiù.

Ma thachras sin se buile mhòr a bhios ann do Mgr Brown, agus e air gu leor fhulang mu thràth an t-seachdain seo.

Tha atharrachadh air gach moladh, bho cheannard Comataidh nan Inbhean sna Cumantan, a tha a' cantainn gum bu chòir cosgaisean a bhith stèidhichte ann an dòigh neo-eisimealach mar a tha Sir Christopher an dùil a dhèanamh.

Tha e a-rèir dè nì na Tòraidhean agus dè seòrsa taic a th' aig Mgr Brown taobh a-staigh a' phàrtaidh aige fhèin. Tha Mghr Brown ag ràdh gu bheil e airson saoghal a' phoileataics a ghlanadh ach ‘s ann a tha e a-nis dualtach buile eile a thoirt air fhèin, ‘s tha e air fàs fìor mhath air sin a dhèanamh.

An-dè chail an riaghaltas bhòt air na Gurkhas le na Lib Demaich agus na Tòraidhean a' tighinn ri chèile le reubaltaich Làbarach airson còirichean a thoirt do sheann Ghurkas thighin a dh' fhuireach ann am Breatainn. Ma chailleas e an dàrna bhòt an-diugh, tha ughdarras a' Phrìomhaire ann an cunnart.

Taing do Eilidh Dhubh

No comments:

Post a Comment