Chan eil fios dè cho cudthromach 's a tha gu bheil Cabinet Riaghaltas Westminster a' coinneachadh ann an Glaschu an-diugh ach tha e eachdraidheil, tha sin cinnteach.
Bidh seo a' chiad turas bho 1921, nuair a ghairm Lloyd George a Chabineat suas a dh' Inbhir Nis airson dèiligeadh le ceist Stàid Shaor na h-Èireann, tha Ministearan an Riaghltais air cruinneachadh ann an Alba.
Thòisich an riaghaltas air an “road show” seo bho chionn bliadhna, a' coinneachadh ann an ceann a deas Shasainn, na Midlands agus a-nis Glaschu.
Bidh iad a' muigh timcheall na dùthcha, a' coinneachadh ris a' phobal tron an là ach 's e an fhìrinn mu dheidhinn a' mhòr-chuid de choinneamhan a' Chabhineit gu bheil iad gu math sgiobalta agus goirid.
S e an eaconomaidh am prìomh chuspair air a' chlàr-ghnothaich, am buidseat cuideachd ach 's ma dh' fhaoidte gum bi coinneamh shònraichte eile aca mu dheidhinn sin.
Bid iad a' deasbad na h-àireannachd leis an naidheachd mu dheidhinn taic riaghaltais airson càraichean dealain agus cumhachd niuclasach ann an Sasainn a-mhàin. Cuimhchich gu bheil a' choinneamh a' tighinn 's Ministear a' Chumhachd, Ed Milliband, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba am beachd air connadh niuclasach atharrachadh.
Dhiùlt iad a' choinneamh aca a roinn le Cabinet Riaghaltas na h-Alba - is feumaidh spèis a thoirt dha Alex Salmond airson feuchainn ri e fhèin a chur air an àrd-ùrlar gach là, ach chan ann airsan a tha na soilais phoileataigach an-diugh.
Tha ministearan gach riaghaltais a' coinneachach co-dhiù nuair a dh' fheumas iad, agus bha ceannardan phàrtaidhean na h-Alba aig dinnear prìobhaideach aig dachaigh Gòrdan agus Sarah Brown a-raoir. Bha iad gu math càirdeal ri chèile, chuala sinn, 's iad a' blasadh air bradan ròst Innse Gall.
Le taing do Eilidh Dhubh.
Is Andy Burnham the Emperor with no Policies?
3 weeks ago
No comments:
Post a Comment