Tillidh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh, seachdain nas tràithe na bha còir, a dheasbad na connspaid mu bhomair Logarbaidh.
Tha Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, a' faighinn a chàinidh bho gach taobh son Abdelbasset al-Megrahi a shaoradh agus a thilleadh a Libya. Tha cuid de dh’Aimeireaganaich agus agus an sean Phrìomh Mhinistear Seac MacConnail a' cumail a-mach gu bheil a' chùis air cron a dhèanamh air cliù na h-Alba.
Chan e mise a nì an co-dhùnadh air sin, ach nuair a chunnaic duine bratach na h-Alba os cionn port-adhair Thripoli bha iad gu math feargach, gu h-àraid na Aimeireaganaich.
S e sin a thug air Rabairt Muiler, ceannard an FBI, sgrìobheadh gu Mgr MacAsgaill, ga chàineadh agus a' cur casaid air gun tug e sochair dha cheannarcaich, agus gun do rinn e magadh air na teaghlaichean a tha fhathast a' caoidh na bhàsaich ann an uabhas Logarbaidh.
Tha Mgr MacAsgaill agus an SNP a-nis ann a meadhan stoirm eadar-nàiseanta, na pàtraidhean dùbhlanach sa phàrlamaid a' tighinn còmhla na aghaidh an-diugh agus na h-Aimeireaganaich a' feitheamh ris mìneachadh a-rithist dè dìreach a thug air co-dhùnadh gum bu chòir Abdel Baset al-Megrhai a dhol dhachaidh a bhàsachadh.
S e là cunnartadh a tha ann aig ìre phoileataigeach airson Riaghaltas an SNP. Bidh sùilean an t-saoghail air a' phàrlamaid aig leth uair as dèidh dhà.
Cha bhidh bhòt ann an-diugh, dìreach cunntas bho Mhaighstir MacAsgaill agus ceistean bho na ceannardan agus an nuairsin na buill-phàrlamaid. Ach tha na Lib Demaich airson 's gum bi bhòt air co-dhùnadh Mhaighstir MhicAsgaill an t-seachain seo tighinn nuair a thilleas a' phàrlamaid. Chan e seo crìoch a' ghnothaich an-diugh ach toiseach tòiseachaidh.
Taing mar as abhaist, Eilidh Dhubh
"He now had 270 murders to solve"
11 hours ago
Gle mhath Thorcail, ach ‘s docha nas cudthromaich na caineadh bhon FBI ‘se an naidheachd gu bheil Iain Farchair Rothaich BPA (Lib-Dems)a toirt taic do MhacAsgaill, agus a fuireach aig an taigh an Ceann t-Saile air sgath gu bheil e dhan bheachd nacheil moran ri radha nach deach a radha mun chuis. Coimhead coltach ri ard-urlar airson bun-fight, ach bi e inntineach mu thig cail as ur a mach as an deasbaid feasgar..
ReplyDeleteIain MacCoinnich
Naire a tha orm-sa, mar Albannach.
ReplyDeleteDe tha cearr air na h-ospadalan Albannach? Sin far am bi mise aig a' cheann thall. Chan fhaigh mise turas thall thairis nuair a tha mi gu bhith basachadh.
Tha Megrahi cionntach.
De seorsa cheartas a tha seo?
AM