Thursday, 13 October 2011

Dughlas - a cheud ceum air ais airson na Labaraich



‘S e fear de phrìomh bhall a’ Phàrtaidh Làbaraich an Alba - agus a-measg an fheadhainn as motha a th’ air a bhith an sàs ann an iomairtean Albannach agus aig ìre Westminster.

Ach a-nochd bheir Dùghlas Alexander òraid ann an Sruighlea far an aidich e gu bheil am Pàrtaidh Làbarach air chall agus gu feum cruth-atharrachadh tighinn air ma tha iad a’ dol a thàladh luchd-bhòtaidh.

S e òraid inntinneadh, tuiseach a th’ aig Dùghlas, agus bu chòir a leughadh bho cheann gu ceann. ‘S e a' cheud ceum air ais dha fhèin agus a phàrtaidh ann an Alba, a' tighinn as dèidh do Mhairead Curran dreuchd mar neach-labhairt dùbhlanch air cùisean Albannach a ghabhail.

Sa cheud àite tha e ag aideachadh a-nochd dìreach cho dona sa bha na Làbaraich ann an taghaidhean sa Chèitean. Fhuair iad pronnadh cho cruaidh bhon SNP 's gun tug e gu seo fhèin mus tàinig iad timcheall. "We were gubbed," tha e ag aideachadh.

Tha e a' mìneachadh carson a chaill na Làbaraich, carson a bhuannaich na Nàiseantaich. Tha diofar adbharan ann ach 's e a' phrìomh fhreagairt air sin, a rèir Dùghlas, 's e nach do rinn am pàrtaidh aig e-fhèin ceangal sam bith ri sluagh na h-Alba.

Thairis air na bliadhnaichean, le fèin-riaghladh, le crìonadh ann an aonaidhean ciùird agus seann obraichean tha na ceanglaichean sin eadar na Làbaraich agus luchd-bhòtaidh air briseadh sìos.

Bha sin a' fàgail am pàrtaidh a' sabaid seann chogaidh an aghaidh Thatcherism agus a' feuchainn fhathast an t-eagal a chur air bhòtairean mu dheidhinn neo-eisimealachd.

Feumaidh a-nis am pàrtaidh prìomhachas a thoirt do chuspairean Albannach, a bhith a' maipeagadh cùrsa air adhart airson na dùthich, a tha a' toirt misneachd do dhaoine agus a tha a' bruidhinn ribh mu dheidhinn dòchais agus chan ann mu dheidhinn dorchadais.

Ceart gu leòr, ach chanainn-sa gu bheil gu leòr bhòtairean a bhiodh tòrr nas cruaidhe air na Làbaraich airson nan adhbharan a chaill aid. Agus tha sibh a' coinneachdh riutha, bhòtairean Làbarach a bha cho freagarrach le mar a bha am pàrtaidh a' cur iad fhèin air adhart, agus an ceannard a bh' aca, 's gun do ghluais iad a-null dhan SNP.

'S e a chanas Mgr Alexander gu feum am pàrtaidh e fhèin as-ùrachadh, stèidhichte air na prionnsabalan a tha aca co-dhiù - co-ionnanachd agus ceartas sòisealta.

Feumaidh iad a bhith mar thagraichean airson Alba, ach chan e Alba a tha air a reubadh a-mach às an Aonadh, ach dubhaich far a bheil na buannachdan mòra sòisealta a rinn na Làbaraich fhathast rim faighinn.

Tha e a' cur air an SNP gu bheil ùirsgeul acasan a tha a' cantainn nach urainn dhut a bhith na d'fhear Albannach mura h-eil sibh a' cur taic ri na Nàiseantaich.

Chan eil sin fìrinneach, canaidh Alexander, ach feumaidh am pàrtaidh Làbarach a bhith làn gràdh-dùthcha ach le teachdaireachd gu bheil e ceadaichte a bhith na d' Albannach agus na do Bhreatannach, agus gu bheil buannachd anns gach stàit.

Chanaidh na Nàiseantaich gu bheil e ceart - gu robh na Làbaraich sgriosail sna taghaidhean agus nach eil buannachd sam bith ann dìreach a bhith a' feuchainn ri an t-eagal a chur air daoine mu dheidhinn neo-eisimealachd.

Ach cuiridh Alexander dragh orra cuideachd. Seo cuideigin aig àrd ìre sa Phàrtaidh Làbarach a' tòiseachadh a' mìneachadh nan adhbharan cinnteach, dearbhadh airson Alba leantainn am braoin an Aonaidh.

'S e deasbad a leanas bliadhnaichean a seo ach bheir an òraid seo misneachd dha na Làbaraich gu bheil cuideigin aca a chuireas air adhart gu aragmaidean làidir airson prionnsabalan sòisealta an aoidh neo-eismealachd.


Taing do Eilidh Dhubh

No comments:

Post a Comment