Thursday, 9 July 2009

Sgainneal News of the World.


Tha a h-uile coltas gum bi comataidh chumhachdach ann an Taigh nan Cumantan a' bruidhinn ris a' phàipear-naidheachd, News of the World, mu chasdaidean as ùr gu robh am pàipear ri farchluais air còmhradh fòn-làimhe nam mìltean dhaoine.

Tha Iain Prescott, a bha aig aon àm na Leas-phrìomhaire, ag ràdh gum bid esan a' gearan ris na poilis mu dhol a-mach an News of the World an dèidh dhan Ghuardain a ràdh gu robh fios aig na poilis air na mìltean chùisean den aon sheòrsa ach nach do rinn iad dad mu dheidhinn.

A-rèir a' Ghuardain chan e gu robh luchd-naidheachd an News of the World ag èisteachd a-steach ri còmhraidhean air fònaichean fhad 's a bha iad a' tachairt - 's ma dh' fhaoidte gu robh - ach gu robh iad ag èisteachd ri na teachdaireachdan a bhios air am fàgail air fònaichean-làimhe.

Chan e gu robh an luchd-naidheachd aca an sàs anns a' ghnothach fhèin, bha iad a' pàigheadh luchd-sgrùdaidh prìobhaideach airson an fhiosrachaidh, ach tha sin mì-laghail.

Agus chan eu gun do thachair seo dìreach an aon turas nuair a bha iad air an glacadh ag èisteachd ri luchd-obracn an teaghlaich Rìoghail ach gun do thachair e na mìltean thursan, agus gu robh na ceudan do luchd-obrach poileataigeach, luchd-spòrs agus daoine ainmeil air an sealg mar seo.

Tha an Guardian ag ràdh gu bheil dearbhadh ann gu robh seo a' tachairt. A-rèir a' phàipeir phàigh an News of the World airgead dioghlaidh ann an cùirtean lagha an àite leantainn le cùisean airson stad a chur air an fhiosrachadh seo thiginn a-mach gu poblach.

'S e sgainneal na meadhanan a th' ann a th' air a dhol na sgainneal poileataigeach o chionn 's gu robh Andy Coulson, dotair grèisidh Dàibhidh Chamshron, ceannard nan Tòraidhean, na fhear-deasachaidh aig an News of the World nuair a bha aon aon dhen luchd-naidheachd aca a chur dhan phrìosan airson an dol a-mach seo.

Ged a ghabh e an t-uallach, 's leig e dheth a dhreuchd, bha Mgr Coulson a' cumail a-mach nach robh fios aige gu robh an luchd-naidheachd, CliveGoodman, ris an obair mhì-laghail seo. Bha am pàipear-naidheachd a' cumail a-mach nach do thachair e ach aon turas, ach a-rèir a' Ghuardian thachair e na mìltean thursan agus - sgainneal eile - bha fios aig na poilis gu robh e a' tachair 's cha do rinn iad càil mu dheidhinn.

Tha ceistean a-nis aig Dàibhidh Camshron ri fhreagairt mun taghadh a rinn e. Cuideachd bidh rannsachadh poileataigeach ann le comataidh Cultair Thaigh nan Cumantan augs Coimisean Ghearannan nam Meadhanan, a bhios a' dèiligeadh ri gearanan mu obair luchd-naidheachd agus na meadhanan.

T
ha Iain Prescott, aon den luchd-poileataigs a chaidh a ghlacadh san lìn a-rèir a' Ghuardian, a' togail ceist mu dè bha na poilis a' dèanamh leis an fhiosrachadh a bh' aca. Bha e na Leas-phrìomhaire aig an àm agus cha do dh' innse na poilis càil dha.

Taing do Eilidh Dhubh

No comments:

Post a Comment