Tuesday, 16 June 2009

Rannsachadh Cogaidh Iorac

Tha mòran mì-thoileachas ann an-diugh an dèidh dhan Phrìomhaire innse gum bi rannsachadh neo-eisimileach ann air a' chogadh ann an Iorac. 'S e gum bi an rannsachadh sin ann air cùl dhorsan dùinte, 's nach ann gu poblach, as motha a tha a' dèanamh dragh.

A-rèir a' Phrìomhaire, ann an Taigh nan Cummantan an-dè, 's ann a' coimhead ri na leasanan a dh' fhaodas a bhi air ionnsachadh a-mach à cogach Iorac bho dhà mhìle sa h-aon suas chun an là an-diugh a bhios an rannsachadh aig Sir John Chilcott.

Bidh an rannsachadh a' coimhead ri planadh, am fiosrachadh a bha aig Breatainn mu dheidhinn riaghaltas Shaddam, an cogadh fhèin, mar a dhèilig an t-Arm ri Iorac as dèidh làimh agus mar a chaidh an dùthaich ath-thogail. Leanaidh e co-dhiù bliadhna, 's e sin as dèidh an ath-thaghaidh choitchinn, agus bidh an teisteanas air fad air a chluinntinn air cùl dhorsan dùinte.

'S an dragh a th' air na pàrtaidhean dùbhlanach, na teaghlaichean cuid de na saighdearan a bhàsaich agus gu leòr air beingean cùil a' Phàrtaidh Làbaraich 's e nach tig an fhìrinn a-mach mu dheidinn nan adhbharan airson a' chogaidh.

Cuimhnich cho connspaideach 's a bha e ann an dà mhìle 's a trì - cogadh mì-laghail airson smachd fhaighinn air ola neo cogadh airson deachdaire cunnartach le armachd mòr-sgrios a leigeal.

S e an argamaid aig Mgr Brown agus a riaghaltas gum biodh rannsachadh poblach fada ro chosgail agus gum biodh e a' ruith fad bhliadhnaichean agus nach biodh luchd-fianais cho fosgailte 's a bhitheadh iad ann an coinneamh phoblach. 'S sin a dh' ionnsaich iad bho rannsachadh Franks air cogadh nan Falklands ach tha Dàibhidh Camshron, ceannard nan Tòraidhean, a' gealltainn gun atharraicheadh esan na riaghailtean nam faigheadh e a-steach as dèidh nan taghaidhean.

Aon riaghailt nach atharraich 's e sin aig a' cheann thall nach tèid an coire a chur air duine sam bith airson a' chogaidh agus mus faighnich sibh tha Tònaidh Blair deònach fianais a thoirt dhan rannsachadh.

Sin as coireach gu bheil daoine cho feargach fhathast. Bha cogadh Iorac cho sgàineach ann am poileataigs agus beatha Bhreatainn 's gu bheil daoine air gach taobh an inntinnean a dhèanamh an àrd mus tòisich rannsachadh sam bith.

Tha cuid ann nach bi toilichte le rannsachadh sam bith agus cuid eile, san riaghaltas gu h-àraid, a bhios toilichte an rud fhaighinn seachdad agus tionndadh air falbh bho chuspair cho connspaideach 's a th' air a bhi ann am poileataigs Bhreatainn bho chogadh Suez.

Le taing do Eilidh Dhubh

No comments:

Post a Comment