Tha Ed Balls a' toiseachadh air dreuchd ur mar Seansalair dhubhlanach an-diugh, as deidh mar a dh' fhag Alan Johnson an dreuchd sin an-de airson adhbharan pearsanta.
Mar as trice, nuair a thig e gu “adhbharan pearsanta”, bidh Westminster lan de fathannan fad laithean - ach thainig an naidheachd mu dheidhinn Johnson mar peilear tairneanaich aig coig uairean feasgar an-de.
Bha gearranan air a bhith ann mu dheidhin de direach cho eolach 's cho mionaideach 's a bha Johnson mar fear labhairt an ionmhais airson na Labaraich ach chan e sin an t-adhbhar a dh'fhag e ann an cabhaig.
Tha e follaiseach a-nis gu bheil e a' sabaid airson a phosaidh a sabhaladh. Tha oifigear polais, a bhiodh a' dion Mgr Johnson agus a bhean, air a chuir air beulaibh buidheann-faire a' Mhet agus gearan na aghaidh.
Le sin, tha an carabhan poileataigeach a' gluasad air adhart agus tha Ed Balls air an dreuchd mar Seansalair dubhlanach a gabhail air.
Seo cuideigin a tha fior-eolach air an economaidh agus poileataics 's e air a' mhor-chuid dha bheatha phroifeiseanta a chuir seachad am broinn Roinn an Ionmhais comhla ri Gordon Brown.
Agus sin an trioblaid - a h-uile cail a dh'ionnsaich e aig gluin a mhaighstir, Gordon Brown. Bi na Toraidhean ga chaineadh, cuir a' choire air airson a h-uile cail a chaidh cearr anns an economaidh, agus cumail a-mach gun e seo mac poileataigeach Ghordon Bhrown tha air tilleadh airson sgrios a dheanamh.
Ach tha Ed Balls nas fhearr na sin - tha e mion-eolach air economaics, tha e sgileil air poileataigs, tha e ionnsaidhte ’s laidir na bheachd. ’S e beatha Sheorais Osborne a bhitheas mi-chomhfhurtail a seo a mach. Cha bhith moran tide aig a Seansalair airson laithean saora a' sgitheadh ’s am balach seo air earbaill.
'S e an rud a bhitheas inntinneach fhaicinn ach ciamar a theid dhan an da Ed - Balls agus Miliband - a thaobh a bhith ag obair comhla.
Tha diofair mor eadar an dithis air ceist an economaidh agus direach de cho luath 's bu choir a riaghlteas fiachan na duthcha isleachadh le bhith gearradh air ais air cosgaisean.
'S e seann Keynesian a tha ann am Balls agus tha esan dhen bheachd gu bheil leasan mor anns an Depression - nuair a ghearr riaghlteasan air ais air cosgaisean agus cha do leudaich an economaidh priobhaideach airson aite an riaghaltais a gabhail. Sin direach a rud tha na Toraidhean ’s na Lib Dems a' feitheamh air a shon an drasta.
Tha seorsa do dh' eachdraidh eile ann an seo cuideachd. Dithis talantach aig ceann a' Phartaidh Labarach, ditheas le beachdan agus stoidhle eadar-dhealaichte a bhitheas cumhachdach comhla ach dh'fhaodadh am partaidh sgaradh agus iad a' sabaid a cheile airson ard-cheannas.
Uamhasach coltach ri sgeulachd Bhlair agus Bhrown, nach eil? Agus ma tha ceist sam bith ann mu dheidhinn Ed Miliband, bi na buill Labarach a' coimhead ri de ni an Ed eile. Co thubhairt gu robh da cheann nas fhearr na aon?
Wishing Everyone a Happy Christmas
1 hour ago
Nas motha Gaidhlig mas e do thoil e!!
ReplyDelete