Friday 12 July 2019

Sùil Eile air Peadar Thatchell

Bho colbh an Daily Record - English translation below

Bha Peadar Thatchell air Rèidio Mòr (sin a th’ agamsa air Radio 4) an latha eile, agus ’s e a bha uasalach.

Tha Thatchell air a bheatha a chur seachad a’ srì airson chòraichean na coimhearsnachd geidh agus cearteas.

Thàinig e gu aire an toiseach aig fo-thaghadh Bermondsey anns na h-ochdadan, sabaid cho salach agus a tha eachdraidh air.

Bha na Lib Dems a’ càineadh Thatchell - tagraiche a’ phàrtaidh Labaraich - air sgàth ’s gun robh e geidh. 

Bhuannaich Sìm Hughes, nach robh air aideachadh fhathast gun robh e fhèin geidh. Chan eil fhios an d’fhuair e a-riamh mathanas airson sin. 

Co-dhiù, ’s ann mu chòirichean agus càineadh a bha Thatchell a’ bruidhinn air an rèidio. 

Bha am fear seo air a chur far cùrsa trèanaidh o chionn ’s gun robh e a’ coimhead air dòigh-beatha gheidh mar pheacadh sa Bhìoball.

Cha b’ urrainn dha a dhreuchd mar neach-obrach sòisealta a dhèanamh le beachdan dhen leithid, a rèir an oilthigh.

Dè bh’ aig an Naomh Peadar ri ràdh?

Thug freagairt gheur mun duine: “Tha e cruinn comasach beachdan domhain cràbhach a bhith aig neach gu bheil co-sheòrsachd ceàrr, coltach ri mo mhathair fhìn, ach gun a bhith a’ dèanamh leth-bhreith an aghaidh duine a tha geidh.” 

Sin spiorad mathanais.


translation 

Peter Thatchell was on Big Radio (it’s what I call Radio 4) the other day, and he was graceful.
Thatcell has spent his life fighting for the rights of the gay community and for justice.
He came to attention first at the Bermondsey by-election in the 80s, a fight so dirty that it became history.
The Lib Dems attacked Thatchell, the Labour candidate, because he was gay.
Simon Hughes, who had not yet admitted he was himself gay, won. It’s not clear if he was ever forgiven for that.
Anyway, it was about rights and condemnation that Thatchell was speaking on the radio.
This individual had been booted off a training course because he saw a gay lifestyle as a Biblical sin.
He couldn’t do his job as a social worker with these views, according to the university. 
What did the Saint Peter have to say? 
He gave answer with insight: “It is perfectly possible to hold deep religious beliefs that homosexuality is wrong, like my own mother, but never to discriminate against gay people.”
That is the spirit of forgiveness.

No comments:

Post a Comment