Coltach ri mòran eile a tha a’ fuireach faisg air Tràigh Ùige, bidh mo charaid a’ cur an taigh aige mach air mall do luchd-turais fhad ’s a tha e thall thairis.
Mar sin bha e anns an Spàinn nuair a bhuail an naidheachd e mar bhrag tàirneanaich.
Is e sin gu bheil teaghlach ann an Dùn Èideann a’ reic fear-tàilisg Ùig a “lorg” iad anns an dachaigh aca.
Anns a’ mhionaid, bha fios aige gur e sin am dearbh phìos a bh’ aige fhèin ann an dràthair nan stòcainnean.
Ach a rèir nam pàipearan-naidheachd, tha am pìos seo – aona phìos - a’ dol air a’ mhargaidh airson còrr is millean not.
Abair staing.
Gus am faigh e dhachaigh, chan urrainn dha a bhith cinnteach.
Ach tha e an ìre mhath cinnteach gur ann à Dùn Èideann a bha an teaghlach a ghabh an taigh airson ceala-deug.
Daoine às a’ bhaile mhòr a’ gabhail brath.
Ach chan urrainn dha a bheul fhosgladh.
’S ann an uairsin a thòisich na ceistean a thaobh ciamar a bha am fear-tàilisg aigesan sa chiad dol a-mach?
Chan eil aige ach an aon fhurtachd.
Cha toir e fada an t-airgead a dhèanamh a-rithist tron diabhal Air BnB sin.
No comments:
Post a Comment