Friday 10 May 2019

Sùil Eile air Liverpool vs Barcelona


Sùil Eile bho colbh an Daily Record

John Reddin agus Alex O'Henley, Barcelona, 1993

Cha do chluich mi riamh geama proifeasanta, agus leis an fhìrinn innse, chan eil mi a’ leantainn ball-coise gu dlùth.

Ach sheas mi aon turas le Alex O Heanlaidh - a tha caran nas eòlaiche air a’ chùis - ann am meadhan na pàirce anns an Nou Camp, dachaigh sgioba Barcelona, aig leth ùine ann an geama an aghaidh an seann nàimhdean, Madrid.

Bha fuaim gun stad, sreathan thar shreathan de luchd-leantainn cho àrd ri creagan Hiort os ar cionn, bruthadh san adhar a bha a’ toirt oirnn ar dromannan a chrùbadh. Cha robh sinn ach a’ losgadh pìos airson a’ chamara, ach bha sinn air chrith.

An e sin a rinn a’ chùis air Barca, an sgioba as fheàrr anns an t-saoghal, ann an coire goileach Anfield an oidhche roimhe? 

Dhuinne nach robh ann, tha e do-chreidsinneach mar a thàinig sgioba Jurgen Klopp air ais bho thrì tadhail sìos gus buannachadh ceithir gu neoni.

Dhaibhsan a bh’ aig a’ gheama, bha e na mhìorbhail. Agus cò ach iadsan, luchd-leantainn a bhios dìleas gu bràth, a dh’adhbhraich e?

Dè a thuirt Jock Stein nach maireann? “Chan eil dad ann am ball-coise gun luchd-leantainn.”

Bha sin air a dhearbhadh ann am baile mòr Liverpool, air an t-seachdain seo. Agus an uair sin thachair mìorbhail Spurs.

translation

I never played a professional game, and to tell the truth, I don’t follow football that closely.
But I once stood with Alex O’Henley, who is a little more knowledgeable on the subject, in the centre spot of the Nou Camp, the home of FC Barcelona, at half-time in a game against the old enemy, Madrid.
The noise never stopped, column upon column of supporters rose above us as high as the cliffs of St Kilda, pressure in the air that pressed down on our backs. We were only shooting a piece for camera, but we trembled.
Is that what did for Barcelona, the best team in the world, in the boiling kettle of Anfield the other night?
For us who weren’t there, it is unbelievable that Jurgen Klopp’s team came from three goals down to win 4-0. 
For those who were at the game, it was a miracle. And who caused it, except fans who are loyal to the death?
What did the late Jock Stein say: “Football without fans is nothing”.
That was proven in the city of Liverpool this week. And then the miracle of Spurs happened too.


Thàinig seo bho Alex às dèidh laimh: 

Ha Torcuil sin an oidhche a’ phas mi am ball gu Raghnall Koeman😉 Cha robh cabhag sam bith orm am PTC sin a dheànamh! Bha còrr is 100,000 sa Champ Nou an oidhche sin. Abair access ge-tà. Més que un club👍⚽️







No comments:

Post a Comment