Friday 21 December 2018

Sùil Eile air "Bana-Ghaisgich"

Airson an Daily Record
"Bana-Ghaisgich", aig Tèatar Finborough, Lunnainn
Tha sin uile air ar beò-ghlacadh leis a' bhàs, Leòdhasaich gu h-àraid.
Tha sin follaiseach sa chiad shealladh aig Màiri Mhoireasdan, agus an caractar aice a' dràibheadh a dh'Ulapul agus smaoineachadh air ciamar a bhiodh i air a cuimhneachadh nan rachadh an càr far an rathaid. 
'S ann mu dheidhinn bàs a tha an dealbh-chluich aig Màiri air fad, "Bana-ghaisgich", agus an cumhachd a tha aig boireannaich air a'chèile timcheall air.
Gu sgileil tha i a' cluich a h-uile pàirt, ceud bliadhna bho chèile, ann an cearcall timicheal call an Iolaire, lachanaich, a' seinn agus a' caoidh na thachair.
Leth-slighe troimhe tha thu a' tuigsinn carson nach robh iad a-riamh a' bruidhinn air an tubaist.  Tha an sgriopt, cuideachd air a sgrìobhadh le Màiri, cho geur agus gu bheil thu air do ghearradh. 
Uaireannan chan fheum thu faclan. Tha Mike Vass air an àrd-ùrlar a' cur ceòl ris a'chall, sliasaidean iarainn an Iolaire a' sgrìobadh ri na biastan.
Nuair a chuireas e air eìdheadh an RNR, 's e aon de na h-ìomhaighean as cumhachdaiche air àrd-ùrlar lom.
Chunnaic mise i ann an Lunnainn. Bidh còisir aig Theatre Gu Leòr ann an Steòrnabhagh an ath sheachdain. Na caill e. 
Translation
We are all obsessed with death, Lewis people in particular.
That is obvious in Mairi Morrison’s first scene, as her character is driving to Ullapool wondering how she would be remembered if she went off the road.
Mairi’s play, “Bana Ghaisgich”, is all about death and the power women exercise over each other.
Skilfully she plays every part, a century apart, in a circle around the loss of the Iolaire, laughing, singing and mourning what happened.
Half way through, you understand why they never spoke about the tragedy. The script, also written by Mairi, is so sharp that it cuts you.
Sometimes you don’t need words. Mike Vass is on stage putting music to the loss, the thighs of the Iolaire scraping against the beasts.
When he puts on the uniform of the RNR , it is one of the most powerful images on a bare stage.
I saw the play in London. Theatre Gu Leòr will have a choir in Stornoway next week. Don’t miss it.


No comments:

Post a Comment