Thursday 13 December 2018

Clusterbùrach - a new ruling


Sùil Eile airson an Daily Record

Aon uair bha iad a’ gàireachdainn oirnn airson ‘s nach robh faclan againn airson rendezvous neo car a’ mhuiltein.

Ach le poilitigs ann an staing, tha a’ Bheurla air ruith a-mach à faclan.

O choinn ghoirid tha bùrach, facal blasda Gàidhlig, air a bhith air a chur gu feum airson cunntas a thoirt air an ath char ann am Brexit.

 Tha “clusterbùrach” air fàs fasanta.  Tha Alastair Caimbeul ga chleachdadh, Mìcheal Russell, Hannah Bardell cuideachd.

Tha e sgrìobhte ann an Hansard agus tha nam pàipearan-naidheachd air droch litreachadh a dhèaneamh air.

Tha cunnart ann gu bheil am facal air a chaitheamh agus feumach air suaimhneas.

Tha Comhairle a’ Chànain (CaC) air a bhith a’ coimhead air a’ chùis agus air a thighinn suas le freagairt shìmplidh.

O seo a-mach cha bhi e ceadaichte bùrach a chleachdach airson Brexit. Ach tha e ceadaichte brexit a chleachdach airson bùrach.

Mar eisimplear: “Nach e tha air brexit a dheaneamh dhen bhiadh.” agus, “Abair brexit, a ghloic.”

Tha e a’ ciallachadh gum feum sinn an litir x a chleachdadh sa chànan.

Ach cha tuirt duine sam bith gu biodh Brexit gun duilgheadas.


Translation

Once upon a time they used to laugh at us because we had no words for rendevouz or summersault.
But with politics in crisis, English has run out of words.

Recently the term bùrach, a tasty Gaelic word, has been deployed to describe the latest twist in Brexit.

“Clusterbùrach " has become fashionable. Alastair Campbell has used it, Michael Russell, Hannah Bardell too. 

The word has been recorded in Hansard and newspapers have mis-spelled it.

There is a danger that the term is becoming worn out and needs resting.

Comhairle a’ Chànain (CaC), the Language Council, has been looking at the issue and come up with a simple solution.

From now on it is not permitted to use bùrach as a term for Brexit. However it is acceptable to use brexit to describe a bùrach.

For example: “Didn’t he make a brexit of the food”, and “What a brexit, you idiot”.

It means we have to introduce the letter x into the Gaelic language.

But no one said Brexit was going to be easy.


No comments:

Post a Comment