Monday 26 December 2016

Chan eil na chaidh seachad mar eachdraidh idir


Mi fhein agus Iain, dhà bhalach a Suardal

Coimhead air ais air 2016, chan e na naidheachdan troma a thug a' bhuaidh as motha orm ach obair mo chuimhne fhìn.

Le Iain Moireasdan rinn mi prògram rèidio Fianais mu deidhinn tsunami Àisia ann a 2005, far an robh mi ag obair mar fhear-naidheachd.

An duilgheadas, agus sinn a' tighinn gu àm claraidh, 's e nach robh cuimhne mhionaideach sam bith agam air mar a thachair.

B’ fheudar dhomh na h-aithisgean a sgrìobh mi a lorg - cha do leugh mi iad roimhe - agus thàinig na tachartasan air ais san spot. 

Bha m’ inntinn air an doras a dhùnadh air an sgrios a chunna mi.

Gu fortanach, bha dearbhadh sgrìobhte agam air mar a thachair.

'S thàinig e steach orm agus sinn a' comharrrachadh na bliadhna annasach seo fhèin gu bheil sinn dualtach cus a leigeil air dìochuimhn.

Chan eil na chaidh seachad mar eachdraidh idir, tha e ann fhathast. Uaireannan chan eil e fiù 's air a dhol seachad. 

Tha Fianais a chraoladh a-nochd aig 5.30f.


No comments:

Post a Comment