Wednesday 27 January 2016

Mar chuimhneachan air Sìm Friseal



An t-ath-leasachadh a thàinig air ceist an fhearainn anns na 90an ann an Asainte agus Eilean Eige, agus a tha a-nis ri fhaicinn bho cheann gu ceann na Gàidhealtachd agus nan Eileanan, cha do thuit sin às an adhar.

Thàinig diofar fhactaran ri chèile:  eachdraidh nan daoine a bha air am mealladh; beachdan ùra poilitigeach bho leithid a' Phàipeir Bhig, Aonadh nan Croitearan agus Seumas Mac an t-Sealgair; misneachd nan coimhearsnachdan fhèin agus an suidheachadh eaconomach aig an àm.

Agus ged a bha h-uile càil sin ann, dh'fheumadh iad a thighinn ri chèile ann an saoghal foirmeil, glaiste, laghail nan uachdaran.

Dh’fheumadh cuideigin a bhith ann gus na h-ùghdarrasan, agus na h-uachdarain, agus na mèarlaich a ghoid am fearann a chasg.

Agus bha am fear-lagha Sìm Friseal, a bhàsaich an t-seachdain seo, ann air an stiùir, mar fhear a' bhàta, do choimhearsnachdan anns an t-saoghal laghail sin, agus uair às dèidh uair, threòraich e iad gu tìr ùr.

'S chan e a-mhàin gun robh e proifeasanta, 's gun robh earbsa aig daoine ann, ach bha e a' creidsinn anns a' chùis, agus rinn sin diofar mòr. Rinn e diofar mòr.


Seo aithris a BhBC air Sìm agus seo na bha anns a Herald



No comments:

Post a Comment