Monday, 12 August 2013
Sùil eile air Runrig 's iad dà fhichead
Nochd am p'ios seo anns an Daily Record an-diugh
’S ann a’ ruith air falbh bho ar cànain a bha sinn nuair a dh’fhàg sinn an taigh anns na h-Ochdadan.
Uill, ’s e sin a bha mise a’ dèanamh, chan eil fhiosam mu fheadhainn eile.
Cha robh luach anns a’ Ghàidhlig, cha robh càil tarraingeach mun àite às an tàinig mi.
Am measg sluagh a’ bhaile mhòir, aig nach robh fhios sam bith cò às a bha sinn, thàinig tuigse oirnn fhìn mar Ghàidheil.
Chan e gu robh sinn eadar-dhealaichte; tha gach neach fa leth. Ach tron chànan bha ceangal againn ri chèile, ris an talamh, ri dualchas agus creideamh a bha, agus a tha, nas motha na sinn fhìn.
Dè dh’atharraich ar cùrsa? An t-astar bhon taigh, gu cinnteach.Ach b’ e rionnag na h-àirde tuath dhuinn an còmhlan Runrig, a tha an-dràsta a’ comharrachadh dà fhichead bliadhna on a thòisich iad.
Do dheugairean, thug iad creideas dhan chànan agus dhan a’ Ghàidhealtachd, fiù ’s ged nach e sin an seòrsa ciùil a bha sinn a’ leantainn.
Aig ìre chultarail, stiùir iad an ginealach agamsa dhachaigh. ’S e sin an tiodlac, an t-uabhal as àirde.
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment