Leis gu bheil pris na h-ola air tuiteam mu cheud agus leth cheud sa coig dolar ($155), tha impidh ga chuir air companaidhean dealain 's gas na prìsean acasan a' thoirt a-nuas. Tha eolaichean a’ tomhais gum faodadh gach dachaigh ceud gu leth not a shabahladh sa bhliadhna, nan tigeadh prìsean sios a-reir prìs na h-ola.
Ach carson a tha pris na h-ola air tuiteam co-dhiu? Diofar adhbharan. Tha i an duigh fhein sios gu leth cheud sa coig dolar ($55) am barail agus tha sin direach mar dhearbhadh air a’ bhuaidh a tha aig staing a’ chreideis air eaconomaidhean air feadh an t-saoghail.
Tha a’ phris a-reir an iarratais a tha ann airson na h-ola agus fiu’s ann an Siona agus na Innsean tha meud an ola a tha iad a’ cleachdadh a’ tuiteam fhad ‘s a tha na eaconomaidhean aca gun a’ goil mar a bha iad.
Cuideachd tha a’ phris mothachail air staid an t-saoghail - cogaidhean agus stoirmean poileataigeach agus stoirmean nadarrach - agus tha i sios agus suas a-reir an dolair agus nam margaidhean, na hedge funds, a bha a’ ceannach is a’ reic ola airson prothaid. Chan eil iad ris a’ chleas sin a-nis. Seo nis, caran trath airson searmon goirid air economics, ach sin as coireach gu bheil a’ phris a’ tuiteam.
S e an duilgheadas nach eil an sluagh a’ faighinn moran buannachd as an seo. Tha mi a’ faicinn pris peatroil sios - tha e ceithir fichead sa sia deug sgillin an litear an seo ann an Lunnainn - ach chan eil soidhne gu bheil prisean gas neo dealain anns na dachaighean againn tighinn a-nuas.
Cuimhnich gun deach prisean suas da fhichead per cent an uiridh. Chan eil fhios agam an tig iad air ais cho iosal agus sa bha iad a’ chaoidh.
Tha a’ phris airson gas agus dealain fhathast ard airson na companaidhean sa mhargaid slan-reic, neo wholesale - sin an leisgeul aca, agus cha thuit prisean gun a’ Bhliadhna Ur.
Acch tha na eolaichean eaconamach a’ cumail a-mach gum bu choir ceithir gu leth billean not thighinn bho phrisean blathachadh dhachaighean a-reir an isleachaidh ann am pris na h-ola.
Tha Rùnaire a' Chumhachd Ed Milliband air a bhith a' cuir cuideam air companaidhean geta na prisean aca a thoirt sios. Aig coinneamh an latha riomh dh’aontaich iad gu feumach na prisean a thighin sios. Esan ag iarraidh glusad ro am an Nollaig neo beachdaidh e air lughan ur a bheir orra na prisean ioslachadh. Chan eil fios agam an tachair sinn.
Ach aon rud tha sinn cinnteach as se an "winter fuel allowance". Dha cheud gu leth not airson painsearean a tighinn a dhachair, agus tha duil gun dead sinn an ard anns a mini-budget aig a chancellor an seachdan sa tighinn.
Taing do Eilidh Dhubh
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment