Mi fhein agus Iain, dhà bhalach a Suardal
Coimhead air ais air 2016, chan e na naidheachdan troma a thug a' bhuaidh as motha orm ach obair mo chuimhne fhìn.
Le Iain Moireasdan rinn mi prògram rèidio Fianais mu deidhinn tsunami Àisia ann a 2005, far an robh mi ag obair mar fhear-naidheachd.
An duilgheadas, agus sinn a' tighinn gu àm claraidh, 's e nach robh cuimhne mhionaideach sam bith agam air mar a thachair.
B’ fheudar dhomh na h-aithisgean a sgrìobh mi a lorg - cha do leugh mi iad roimhe - agus thàinig na tachartasan air ais san spot.
Bha m’ inntinn air an doras a dhùnadh air an sgrios a chunna mi.
Gu fortanach, bha dearbhadh sgrìobhte agam air mar a thachair.
'S thàinig e steach orm agus sinn a' comharrrachadh na bliadhna annasach seo fhèin gu bheil sinn dualtach cus a leigeil air dìochuimhn.
Chan eil na chaidh seachad mar eachdraidh idir, tha e ann fhathast. Uaireannan chan eil e fiù 's air a dhol seachad.
Tha Fianais a chraoladh a-nochd aig 5.30f.
No comments:
Post a Comment