Thursday, 29 September 2016

Sùil air ais - Tsunami a' Chuain Innseanaich

Le Iain Moireasdan a deasachadh airson Fianais

Ged a tha mi rim chluintinn tric air an radio, chan ann tric a bhios mi bruidhinn air mar a tha na naidheachdan a' toirt buaidh orm fhìn.

Ach ann an streath cho math 's a tha Radio nan Gàidheal air cruthachadh, tha Iain Moireasdan air a bhith a' bruidhinn ri luchd-fianais thachartasan mòra an t-saoghail.

Bho Ar-a-mach Ioràin gu 9/11, chan urrainn dhut ach a bhith air do ghlacadh leis an teisteanas.

Mar bu chòir a h-uile prògram Gàidhlig a bhith, tha iad pearsanta agus farsaing aig an aon àm. 

'S ann air Tsunami a’ Chuain Innseanaich ann an 2004 a tha mise a' toirt fianais, agus tha e air Radio nan Gàidheal an-diugh.

Mar fhear naidheachd eadar-nàiseanta ('s mi a bha glamorous) bha mi ann agus chunnaic mi, ann an Sri Lanka agus an uairsin Banda Aceh, Indonesia, far na bhuail an t-suaile mhòr an toiseach agus far na chaill na mìltean am beatha.

Mar as fhaisg a thàinig e air latha clàraidh a' phrògraim le Iain, 's ann a thàinig e steach orm cho beag cuimhne 's a bh' agam air na thachair bho chionn aon bhliadhna deug air ais.

Siubhal ann, na cùisean èibhinn a tha a' tachairt sa h-uile suidheachadh dorcha, bha iad sin mar sgeulachd nam inntinn ach ainmean dhaoine, àiteannan, mar a chaidh làithean seachad, cha robh càil idir ann. Carson?

Gu fhortanach ann a leabharlann Mitchell ann an Glaschu tha a h-uile pàipear-naidheachd a bh' ann ri lorg.

Chladh mi mach na h-aithisgean a chuir mi air ais a dh'Alba bho thaobh eile an t-saoghail, àite a bha coltach ri deireadh an t-saoghail fad na ceala-deug a bha mi ann.

Chuir iad iognadh orm. A h-uile tubaist, sealladh sgrios, bàs agus èiginn a chunna mi, bha iad sgrìobhte. Agus leum iad bhon an duilleig air ais dham inntinn mar gun robh mi ann fhathast.

Ach bha a' chùis gu math inntinneach. Tha e iongantach mar a tha d' inntinn a' dùnadh sìos agus a' dùnadh às nan rudan a bheir droch bhuaidh ort.

Bha mi air diochuimhneachadh gus mo dhìon fhìn bho na seallaidhean uabhasach a chunnaic mi.

Chan e gun robh mi air mo leòn, neo gun do chaill mi teaghlach neo dachaigh.

Ach thug e deòir dha mo shùilean nuair a dh'fhosgail mi a-rithist cuimhne air an sgrios agus a' bhàs.

Bha m' inntinn air an duilleag a thionndaidh ach 's e bha eadar-dhealaichte dhomsa, an taca ri na mìltean eile, gun robh mise air a sgrìobhadh sios.

Dh'fhosgail mi m' inntinn, agus chan eil fios agam an e faochadh neo uallach a tha sin

Dè dìreach a chuimhnich mi, gheibh sinn a-mach ann am prògram, Fianais, air i-player a BhBC.


No comments:

Post a Comment