Friday, 19 August 2016

Sùil Eile air sgeulachd an dà Dhòmhnall


Airson an Daily Record

Cha robh ach aon àireamh seirbheis eadar an dà Dhòmhnall MacLeòid, dithis shaighdearan às na h-Eileanan a chaidh dhan Chogadh Mhòr le na Canèideanaich.

Aon Dòmhnall, à Lèodhas, bha e air a leòn agus fhuair e bàs. Le mearachd bha a chorp air a chur a Bheinn na Faoghla, dham buineadh an Dòmhnall eile.

Dh’aithnich athair Dhòmhnaill Bheinn na Faoghla gur e mearachd a bh’ ann, ach thioghlaig e an srainnsear mar gur e a mhac fhèin a bh’ ann.

Thàinig am balach eile slàn tron chogadh. Cha robh fios, a dh’aindeoin oidhirp, cò leis a bha an Dòmhnall eile anns an uaigh, agus a theaglach air chall.

Sin gus an do thòisich Murchadh “Mindy” MacLeòid ris a’ chùis a rannsachadh ceud bliadhna às dèidh làimh mar phàirt de phrògraman cuimhneachaidh Radio nan Gàidheal.

Tha an sgeulachd a nochd e cho brònach ri càil sam bith a chluinneas sibh mu sgrios a’ Chogaidh Mhòir.

Feuch gun èist sibh ris An Dà Dhòmhnall air i-player a’ BhBC.

Tha an seòrsa eòlais seo a’ ruith anns an t-sruth anns na h-Eileanan, ‘s gun phrìs air idir, agus na milleanan air an cosg air taighean tasgaidh eu-dhomhainn. 


No comments:

Post a Comment