Thursday, 23 April 2015

Fealla-dhà cho làidir ri tè mhòr à amhaich a’ bhotail

Leirmheas air Uisge-Beatha Gu Leòr airson an Daily Record

Uaireannan tha an saoghal an crochadh air aon neach - co-dhiù nuair a tha Iain MacRath air an àrd-ùrlar.

Tha an t-actar a’ cluiche làn chèis de charactaran ann an , agus tha an tìde-stèidse agus fealla-dhà aige cho làidir ri tè mhòr à amhaich a’ bhotail.

Le sgioba bheag thàlantach, tha an dealbh-cluich aig Iain Fionnlagh MacLeòid air a h-innis le diofar phàirtean fo dhiofar adan.

Tha an aon chleas ri fhaicinn anns Na 39 Steps, dealbh-chluich eile sa bheil sgioba bheag a’ cluich a h-uile pàirt a th’ ann am fiolm an leabhair.

San aon dòigh, chan e sgeulachd Compton MhicChoinnich a tha seo ach sgriobt stèidhichte air a’ fiolm ainmeil mu dheidhinn na thachair ann an Caolas Eirisgeidh aig àm a’ Chogaidh. Air innse a-rithist anns an latha an-duigh ann an taigh-seinnse.

Chan eil blas na fìrinne dheth, ach tha an sgeulachd èibhinn a’ toirt luchd-amhairc a-mach ‘s a-steach a bhàighean gaoil agus aonarachd le gàire.

Tha Theatar Nàiseanta na h-Alba air turas tarsainn na Gàidhealtachd le Uisge-Beatha Gu Leòr.

No comments:

Post a Comment