Tha dùil gun nochd seann cheann-suidhe Chuba, Fidel Castro, air an àrd-ùrlar air an deireadh-seachdain a thoirt òraid seachad gu poblach airson a' chiad turas ann an ceithir bliadhna.
Thug Castro - a tha ceithir fichead sa trì - cumhachd dha a bhràthair, Raul, ann an 2006 as dèidh dha fàs tinn. Ach tha aithrisean à Cuba ag ràdh gum bi e air beulaibh Seanadh Nàiseanta na dùthaich comunaich a-màireach.
Se e fhein a ghairm a' choinneamh agus 's ann mu dheidhinn an Ear-mheadanaich a bhios i, agus dragh air gum faodadh cogadh niuclasach eadar Israel, Iran agus na Stàitean Aonaichte a bhith ann sna bliadhnaichean ri teachd.
Nise, seo fear a tha gu math eòlach air na cunnartan a tha an luib armachd niuclesach - nach tug e cead dha Sobhiataich na Ruis rocaidean niuclasach a stèidheachadh ann an Cuba ann an naoi ceud deug trì fichead sa dhà. Cha mhòr nach do dh’adhbhraich sin fhèin cogadh niuclasach agus tòrr dhe na trioblaidean a th'aig Cuba gu an latha an-diugh.
Ach chan e an cuspar fhèin a tha inntinneach neo naidheachdail. Se dìreach gu bheil Fidel air ais air àrd-ùrlar an t-saoghail.
Ged a leig e seachad a dheuchd mar cheann-suidhe Chuba gu a bhràthair Raul ceitheir bliadhna air ais, bidh seo mar dhearbheadh gu bheil e fallain agus fhathast cumhachdach ann an Cuba, far a bheil deasbad cruaidh am broinn a' phàrtaidh riaghlaidh, an Comunaich, mu dheidhinn fosgladh na h-eaconamaidh gu na margaidhean mar a rinn Sìne agus an Ruis. Tha Fidel an aghaidh sin, a rèiir cuid, a bhrathair air a shon.
Cuimhnich gu bheil an iomachuairtich a stèidhich na Stàitean Aonaichte, am blocèid seo, air a bhith a'dol leth cheud bliadhna.
Tha cuideam a-nis a'tighinn bho Chuba, agus dùthchanan Chean a Deas Aimeireaga, a' cumail a-mach gu feum an cogadh malairt sin tighinn gu crìch.
Tha Hilary Clinton, Rùnaire na Stàit, i fhèin air aideachadh gu bheil am poileasaidh air fàileagadh, ach chan eil riaghaltas Obama air càil atharrachadh.
Agus le taghaidhean na mid-terms a'tighinn an àird anns na Stàitean chan eil e coltach gun tachair càil a a dh’aithghearr.
Ach fhad 's a bha na Stàitean a' dèiligeadh ri cuspairean mar cheannarcas agus Iraq anns an deichead a chaidh seachad tha ginealach ùr poileataigeach air fàs an àird ann an Aimeireaga a Deas le Fidel, Che Geuvara agus Simon Bolivar mar phairt dhan eachdraidh agus mar ghaisgich dhaibh.
Agus bho ghruag gu earball Aimeireaga a Deas tha cinn-suidhe air a dhol dhan làimh chlìe - Chavez ann a Venezuela, Cristina Kirchner ann an Argentina (agus an daoine aice Nestor) Lula da Silva ann am Brazil, Morales ann a Bolivia.
Agus 's e daoine dùthchasach a tha anns a h-uile duine aca, muinntir an àite, mar a chanadh sinne. Tha iad air na h-uachdarain, a'mhòr-chuid aca Eòrpach agus geal, a sguabadh a-mach.
Agus tha a'tighinn ri chèil agus tha iad a'seasamh an aghaidh nan Stàitean Aonaichte. 'S e gluasad eachdraidheil a tha sinn a' faicinn agus aidichidh iad uile gur e dìleab Chastro agus muinntir Chuba a tha a'toir misneachd dhaibh.
Tha fios gu bheil cliù aig Castro airson òrdaidhean an àite òraidean a thoirt seachad, uaireannan tha e a'bruidhinn airson uaireanan a thìde. Bha e riamh mar sin, riamh mar mhìorbhail.
Tha cò-la breith aige ann an seachdainn eile, ceithir fichead sa ceithir, agus a'dol fhathast.
Meal do naidheachd Fidel - "hasta la victoria sempre", mar a chanadh Che. Neo “buadhachas gu bràth” mar a bhios aca ann an sgìrean sòisealach na Gàidhealtachd.
No comments:
Post a Comment