Monday 10 November 2008

Òraid Ghòrdain Brown a nochd.

Blog sa Ghàidhlig, airson a'chraic

Bheir Gòrdon Brown òraid seachad aig dinneir mhòr Mèar Lunnain a-nochd. Mar 's trice aig an òraid seo 's ann air polasaidh chèin 's àbhaist dha'n Phrìomhaire bruidhinn ach am bliadhna tha dùil gum bidh aire Ghòrdain Brown air an eaconomaidh cuideachd.

S ann coimhead air adhart ris an deireadh-sheachdain a bhios e nuair a tha fichead dùthaich a' coinneachadh ann a Washington airson riaghailtean ùra a stèidheachadh airson margaidhean airgid eadar-nàiseanta agus mar a dhèiligeas a'choimhearsnachd eadar-nàiseanta, tron an IMF, ris an t-seòrsa crathaidh air an eaconomaidh a thachair le staing a'chreideis.

Tha an saoghal aic crois-rathaid - le ceann-suidhe ùr deiseil airson an Taigh Ghil, an eaconomaidh eadar-nàiseanta a'crìonadh gu mòr, agus na margaidhean airgid air fàilligeadh. Tha Mgr Brown air a bhith cantainn airson bliadhnaichean gu feum òrdugh ùr a stèidheachadh - fear a tha a-nis cothromach. Uill, seo an cothrom mòr aige.

Chan eil an òraid slàn againn fhathast is chan eil mi cinnteach am bi e a'bruidhinn mu dheidhinn feachdan Breatannach thall thairis, 's gu sònraichte cuin a bhios saighdearan a' fàgail Irac.
Tha fios againn gu bheil na saighdearan a'tighinn a-mach à Irac co-dhiù ach tha an riaghaltas a-nis fo ìmpidh gun na saighdeanran sin a chur a-null a dh'Afghanistan ann an cabhag.

Tha ceannard Feachdan Bhreatainn, Sir Jock Stirrup, a'cantainn gun diùlt e saighdearan Breatainn a ghlusaid mar sin, 's iad sgìth as dè còig bliadhna do chogadh.

Tha Sir Jock a'coimhead a-rithis ri na feachdan eile aig NATO airson am beàrn sin anm an Afghanistan a lìonadh. Agus shaoilsinn gur e sin a bhios Gòrdon Brown a'coimhnead ris cuideachd.

Bho chaidh Barrack Obama ainmeachadh mar an ath Cheann-suidhe air Ameireagaidh tha Mgr Brown air cothrom fhaicinn airson poileasaidh chein Bhreatainn agus an cairdeas eadar an dà dhùthaich a neartachadh.

A-rèir Mgr Brown 's ann a cheangaileas poileasaidhean Mgr Obama ris an fheallsanachd phoileataigeach aige fhèin - gum feum òrdugh ùr eadar-nàiseanta a bhith ann far a bheil na margaidhean ag obair airson sochair a'mhòr-chuid, le riaghailtean a bheir cead do riaghlteasan làmh a bhith aca ann an gnothaichean airson daoine àbhaisteach a dhìon.

Tha fathannan anm mu ghearradh ann an cìsean cuideachd agus 's ma dh'fhaoidte gum faigh sinn iomradh beag air an sin agus san òraid, priobadh na sùla, air sgàth agus gu bheil rèis ann a-nis eadar na Tòraidhean agus an Riaghaltas airson na planaichean aca airson cìsean a ghearradh fhoillseachadh.

A-màireach, bidh Seòras Osborne a'mìneachadh mar a ghearradh na Tòraidhean cosgaisean An Àrachais Nàiseanta (National Insurance) airson duine a chumail ann an obair fhad 's a tha an eaconomaidh a'crìonadh.

Tha na Làbaraich cuideachd a'coimhead ri cìsean a ghearradh, sin a'ciallachadh barrachd iasadachd, ach 's ma dh'fhaoidte buannachd sna cunntasan-bheachd. Tha iad sin fhathast a'cur nan Tòraidhean trì puing deug air thoiseach air na Làbaraich.

Taing do Eilidh Dhubh

No comments:

Post a Comment