Friday 1 June 2018

Sùil Eile air an dealbh-cluich "Translations"


Sùil Eile,  bho Daily Record an latha an-duigh

Tha an dealbh-cluich ‘Translations’ leis an sgrìobhadair Èireannach Brian Friel air fosgladh aig a’ Theatre Nàiseanta.

Sin Theatre Naiseanta Shasainn air bruaich deas an Thames.

Agus mar as àbhaist tha na h-ealain air thoiseach air poileataigs na dùthcha.

‘S ann mu dheidhinn oidhirp le saighdearan Breatannach ainmean Beurla a chur air àiteachan Gaelige a tha an dràma, mun strì eadar dà chànan agus dà chultar.

Tha an aon sgeulachd ri innse mu ainmean-àite na Gàidhealtachd, a bh’ air an call fo bhlas na Beurla.

Ach tha na thachair ann am poll mònach Dhùn na nGall anns an naoidheamh linn deug, air innse ann an dealbh-chluiche bhon ficheadeamh linn, a’ togail sgàthan air suidheachadh an latha an-diugh.

Tha na ceangalan iom-fhillte eadar Èireann agus Breatainn air an cluich a-mach air àrd-ùrlar Westminster agus na Bruiseil gach latha.   

Gun fhreagairt air crìochan Èirinn a Tuath tuitidh còmhraidhean Brexit às a chèile.

Gun tuisge air dè tha an eachdraidh a ciallachadh, tha gach taobh a’ bruidhinn cànan eadar-dhealaichte.

’S e Èirinn a’ cheist air nach robh freagairt aig Breatainn bho riamh.

Chan e nach do dh’fheuch iad, mar a tha ‘Translations’ a’ dèanamh soilleir.


Translation

“Translations”, the play by Irish writer Brian Freil has opened at the National Theatre.

That’s the National Theatre of England on the south bank of the Thames. 

And as usual the arts are ahead of the politics of the country.

The drama centres around the efforts of British soldiers to give English names to Irish places, about the conflict between two language and two cultures.

The same story could be told about Highland placemanes, which were lost under the accent of the English language.

But what happened in the peat bogs of Donegal in the 19th century, told in a play from the 20th century, holds a mirror up to us today.

The complex ties between Ireland and Britain are being played on the stage in Westminster and Brussels each day.

Without an answer to the Northern Irish border, Brexit talks will fall apart.

Without an understanding of what the history means, each side is speaking a different language.

Ireland is the question that Britain was never able to answer.

Not for want of trying though, as “Translations” makes clear.

No comments:

Post a Comment