Pìos inntinneach an seo air làrach Slugger, sàr-bhlogger à Èirinn a Tuath, mu dheidhinn poileataigs a' chànain thall an sin. 
Tha sinn dualtach dìochuimhneachadh dìreach dè cho duilich 's a tha e adhartas sam bith a dhèanamh nuair a tha poileataigs treubhach nam pàrtaidhean a' tighinn a-steach air leasachadh na Gàidhlig. 
 
Cha dh’fhuair mi cothrom - dè le “piegate” agus a h-uile sgainneal eile an t-seachdain sa chaidh - èisteachd ris an deasbad mu dheidhinn BBC Alba agus Freeview ann a Pàrlamaid na h-Alba. Leugh an t-sàr-sgrìobhaiche an seo.  
Bha a h-uile duine aca, na BPAs, ag aontachadh gum bu chòir an t-seiribheis a bhith air Freeview, le glè bheag gearain mu dheidhinn.  Bidh e mì-chiatach argamaid sam bith eile a dhèanamh.  Buail air, chanainnsa.  
 
Ach tha e inntinneach, nach eil, le uidhear de thaich oifigeil agus poileataigeach aig a' chànan, cho duilich 's a tha e leasachaidhean mar sgoiltean Gàidhlig a chur air adhart sna sgìrean Gàidhealtach fhèin. Tòrr taic, 's beag oidhirp.
No comments:
Post a Comment